Mark 2




scots_gaelic@Mark:2:1 @ Agus thill e gu Capharnaum an ceann beagan laithean, agus chualas gun robh e aig an tigh.

scots_gaelic@Mark:2:2 @ Agus chruinnich na h-uimhir, `s nach robh aite aca eadhon timcheall an dorais, is labhair e am facal riutha.

scots_gaelic@Mark:2:3 @ Agus thainig iad ga ionnsuidh a toirt leo duine, air an robh am pairilis, air a ghiulan le ceathrar.

scots_gaelic@Mark:2:4 @ `Sa chionns nach b` urrainn dhaibh a chur `na lathair le domhlachd an t-sluaigh, ruisg iad mullach an tighe far an robh e; `S air dhaibh fosgladh a dhianamh, leig iad sios an leaba air an robh fear na crithe `na laidhe.

scots_gaelic@Mark:2:5 @ `S nuair chunnaic Iosa an creideamh, thuirt e ri fear na crithe: A mhic, tha do pheacannan mathte dhut.

scots_gaelic@Mark:2:6 @ Ach bha cuid de na Sgriobhaich `nan suidhe an sin, `sa smaoineachadh `nan cridheachan:

scots_gaelic@Mark:2:7 @ Carson a tha e a bruidhinn mar so? tha e labhairt blaisbheum. Co is urrainn peacannan a mhathadh, ach Dia `na aonar?

scots_gaelic@Mark:2:8 @ Dh` aithnich Iosa san uair `na spiorad fhein gun robh iad a smaoineachadh so aca fhein, is thuirt e riutha: Carson tha sibh a smaoineachadh nan nithean sin `nur cridheachan?

scots_gaelic@Mark:2:9 @ Co dhiu is fhasa radh ri fear na crithe: Tha do pheacannan mathte dhut; no radh: Eirich, tog do leaba, agus coisich?

scots_gaelic@Mark:2:10 @ Ach los fios a bhith agaibh gu bheil comas aig Mac an duine peacannan a mhathadh air talamh (thuirt e ri fear na crithe,)

scots_gaelic@Mark:2:11 @ Tha mi ag radh riut: Eirich, tog do leaba, agus falbh dhachaigh.

scots_gaelic@Mark:2:12 @ Agus ghrad-dh` eirich e: `sa togail a leaba, dh` fhalbh e `nam fianuis uile; air chors gun do ghabh iad ioghnadh air fad, `s thug iad gloir do Dhia, ag radh: Chan fhaca sinn riamh a leithid so.

scots_gaelic@Mark:2:13 @ Is chaidh e mach a-rithist gu taobh na mara; agus thainig an sluagh uile ga ionnsuidh, is theagaisg e iad.

scots_gaelic@Mark:2:14 @ `S nuair a bha e gabhail seachad, chunnaic e Lebhi Mac Alpheuis `na shuidhe an tigh na cise, is thuirt e ris: Lean mise. `S ag eirigh, lean e e.

scots_gaelic@Mark:2:15 @ Agus thachair, nuair a bha e `na shuidhe aig biadh `na thigh-san, gun do shuidh moran chismhaor is pheacach maille ri Iosa agus a dheisciopuil: oir bha moran ann, a lean e.

scots_gaelic@Mark:2:16 @ Agus na Sgriobhaich `s na Phairisich a faicinn gun robh e ag ithe comhla ri cismhaoir agus peacaich, thuirt iad ri dheisciopuil: Carson a tha ur maighistir ag ithe `s ag ol comhla ri cismhaoir agus peacaich?

scots_gaelic@Mark:2:17 @ Air do Iosa so a chluinntinn, thuirt e riutha: Chan eil feum aig daoine slana air lighich, ach aig daoine tinne: oir cha tainig mi a ghairm nan naomh ach nam peacach.

scots_gaelic@Mark:2:18 @ Agus bha deisciopuil Eoin `s nam Phairiseach a trasgadh; agus thainig iad, is thuirt iad ris: Carson tha deisciopuil Eoin `s nan Phairiseach ri traisg, agus nach eil na deisciopuil agadsa ri traisg?

scots_gaelic@Mark:2:19 @ Is thuirt Iosa riutha: An urrainn clann na bainnse trasgadh, fhad sa bhitheas fear-na-bainnse comhla riutha? Fhad sa bhitheas fear-na-bainnse comhla riutha, chan urrainn dhaibh trasgadh.

scots_gaelic@Mark:2:20 @ Ach thig na laithean anns an toirear bhuatha fear-na-bainnse: agus an sin ni iad traisg anns na laithean sin.

scots_gaelic@Mark:2:21 @ Chan fhuaghail duine sam bith breid de dh` aodach ur air seann eideadh: air-neo bheir am breid ur a liad fhein as an t-seann aodach, is bithidh an stracadh nas mua.

scots_gaelic@Mark:2:22 @ Agus cha chuir duine sam bith fion ur ann an seann searragan: air-neo sgainidh am fion na searragan, is doirtear am fion, agus caillear na searragan: ach is coir fion ur a chur an searragan ura.

scots_gaelic@Mark:2:23 @ Is thachair a rithist, nuair a bha an Tighearna triall tro achaidhean arbhair air an t-sabaid, gun do theann a dheisciopuil, `s iad a gabhail air adhart, ri spioladh dhias.

scots_gaelic@Mark:2:24 @ Is thuirt na Phairisich ris: Seall, carson tha iad a dianamh air latha na sabaid ni nach eil ceadaichte?

scots_gaelic@Mark:2:25 @ Is thuirt e riutha: Nach do leugh sibh riamh, ciod a rinn Daibhidh, nuair a bha e feumach `s air acras, e fhein agus iadsan a bha cuideris?

scots_gaelic@Mark:2:26 @ Mar a chaidh e stigh do thigh Dhe ri linn Abiathair an t-ard-shagart, agus dh` ith e an t-aran-tairgse, nach robh ceadaichte itheadh, ach do na sagairt, agus thug e dhaibhsan a bha comhla ris?

scots_gaelic@Mark:2:27 @ Is thuirt e riutha: Rinneadh an t-sabaid air son an duine, `s chan e an duine air son na sabaid.

scots_gaelic@Mark:2:28 @ Mar sin se Mac an duine Tighearna na sabaid fhein.


Seeker Overlay: Off On

[BookofMark] [Mark:1] [Mark:2] [Mark:3] [Discuss] Tag 2 [Audio][Presentation]
Bible:
Bible:
Book: